Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
ï:>,6 POEMES
ORAN SEACHARAN SEILGE
Luinneag :
Chunna' mi n damh donn 's na h-éildean
Direadh a' bhealaich le chéile :
Chunna' mi 'n damh donn 'a na h-éildean.
'S mi tearnadh a Coir' a' Cheathaich,
5 'S mor mo mhighean 's mi gun aighear.
Siùbhal frithe ré an latha,
Thilg mi 'n spraidh nach d'rinn feuni dhomh.
Chunna' mi 'n damh donn, etc.
Ged tha bacadh air na h-armaibh,
10 Ghléidh mi 'n Spàinteach thun na sealga,
Ged a rinn i orm de chearbaich,
Nach do mharbh i mac na h-éilde.
'N uair a dh'éirich mi 's a' mhaduinn,
Chuir mi innte fùdar Ghlascho,
15 Peileir teann is tri puist Shas'nach,
Cuifean asgairt air a dhéidh sin.
Bha 'n spor ùr an déis a breacadh,
Chuir mi ùille ris an acfhuinn,
Eagal drûchd bha mùdan craicinn
20 Cumail fasgaidh air mo chéile.
Laigh an éilid air an fhuaran,
Chaidh mi farasda mu 'n cuairt di,
Leig mi 'n deannal ud m'a tuairmse,
Leam is cruaidh gu'n d'rinn i éirigh.
25 Rainig mise taobh na bruaiche,
'S chosd mi rithe mo chuid luaidhe :
'S 'n uair a shaoil mi i bhi buailte,
Sin an uair a b'àird' a leum i.
13. ' mu'n cuairt di ' : on la contournant.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence