Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
22
ACHAINE
ATHAIll NAOMHA NA GLOIR [7]
UIDHEACHAS duit, Athair Naomha na Gloir,
Athair chaomha bhith-bheo, bhith-threin,
Thaobh gach foghair, gach fabhair, gach foir,
Tha thu bairigeadh oirnne 'n ar feum ;
Ge b'e freasdal thig oirnn mar do chlann,
'N ar cuibhrionn, 'n ar crann, 'n ar ceum,
Tabhair 'na chuideachd dhuinii soirbhis do lainih
Agus suilbhireachd saibhir do bheuil.
Ta sinn ciontach is truaillidh, a Dhe,
Ann an Spiorad, an ere, is an corp,
Ann an smuain, am focal, am beus,
Tha sinn cruaidh 'na do leirsinn 's an olc.
Cuir-sa tabhachd do ghraidh dhuinn an ceill.
Bi leum thairis thar sleibhtean ar lochd.
Is nigh sinn am fior-fhuil na reit
Mar chanach an t-sleibh, mar leuig an loch.
An slighe chorraich choitchinn ar gairm,
Biodh i soirbh no doirbh do ar feoil,
Biodh i soilleir no doilleir ri seirm.
Do threorachadh foirfe biodh oirnn.
Bi 'n ad sgeith dhuinn bho chuilbh an fhir-cheilg,
Bho'n chreach-cheilgneach ta le dheilg air ar toir,
Is anns gach run gheobh ar curam r'a dheilbh,
Bi-sa fein air ar failni is aig ar sgod.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence