Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
Facal Bhon Cheann Suidhe
An deidh da bhliadhna sa Ghaidhealtachd tha am Mod Naiseanta am bliadhna sa
Ghalldachd, an Tobar na Mathar. Carson a tha e ann an Tobar na Mathar? A chionn
gun d’thug Gaidheil an aite cuireadh fhialaidh bhlath agus gun do ghabh iad os laimh
gach deasachadh a dheanamh air son a’ Mhoid; agus gu sonraichte gun do gheall iad
cnap mor airgid a thruiseadh. Cnap tha ro-mhor agus tha a’ cur uallach ro-throm air
sgireachdan’s bailtean a bheir fiathachadh don Mhod. B’fhearr gun robh doigh air
cuideachadh fhaighinn a lughdaicheadh eallach nan coimitidhean ionadail.
Tha Tobar na Mathar furasda faighinn thuige. Tha an A9 nuadh agus iomadh
rathad mor eile a’ ruith gun Mhachaire Ghallda: agus taobh a staigh criochan a*
Mhachaire tha Tobar na Mathar ann an suidheachadh freagarrach fabharach. Chaneil
e ach fichead mionaid bho mheadhon Ghlaschu agus nas lugha na uair an uaireadair
bho Dhun Eideann.
Tha tallaichean air leth math ann, le Civic Centre, far am bi e comasach do, cha
mhor, gach ni tachairt. Bithidh e goireasach do na co-fhartuisich agus gheibh luchd
leantail a’ Mhoid cothrom tachairt ri cheile agus an teangaidhean a shubhlachadh le
sgeulachdan o gach cearn. Cho math ri bhi na fheis ciuil se tachartas socialta a tha sa
Mhod, a’ toirt cothrom air son co-chomainn a bhith againn ri cairdean bho gach aird.
Ach de mu chuideachadh na Gaidhlig an seo? Tha comainn Ghaidhealach air a
bhith ann an siorramachd Lannraig o chionn fhada. An diugh tha comainn
Ghaidhealach an Tobar na Mathar, Hamilton, Carluke agus Cille Bhride an Ear agus
ann am baile Lannraig tha clasaichean Gaidhlig air a bhith aca. Ach a bharrachd air an
seo than cunntas dhaoine a rinneadh ann an 1981 ag cur far comhair gu bheil uiread
luchd bruidhne na canain air a’ Ghalldachd sa tha sa Ghaidheaetachd. Tha suas ri
dusan mile an Glaschu fhein. Tha iad uile airidh air ar taic agus air aite baigheil ’nar
smuainteannan. Agus tha sinn lan chinnteach gun toir iad gach taic as urrainn dhaibh
don Mhod. Nach mor an taic a thug iad don Mhod’s na laithean a dh’fhalbh. Nach
liuthad coisir agus co-fharpaiseach on Deas a choisinn ard chliu aig a’ Mhod agus a
dh’ardaich seasamh a’ Mhoid mar fheis ciuil ann an suilean muinntir Alba.
Ma tha ar canain a’ dol a ghleidheal a cliu chaneil teagamh idir nach feum i
sgireachd far am bheil i na canain laitheal ’sa choimhearsnachd. Far am bheil i air
bilean an t-sluaigh o mhoch gu dubh agus air a cleachdadh anns gach raon dem beatha.
Seo an suidheachadh mar a bha e anns na h-eileanan an iar. Se priomh ruin a’
Chomainn an suidheachadh seo a thoirt air ais agus a steidheachadh gu daingeann.
Ach chaneil sinn a’ dol gar glasadh fein ann am fang nan eilean. Gu dearbh chaneil.
Tha ar mac-meanma nas beothaile agus ar sealladh nas farsainge na sin air son an
suidheachadh a neartachadh sna h-eileanan sa leasachadh an taobh a muigh dhoibh
feumaidh sinn feartan agus neartan luchd-bruidhne agus luchd-baigh ge be aite sam
bheil iad a thional ri cheile agus sruth ar smuaintean ar miann agus ar gniomhachais a
stiuireadh gu h-iomlan chun ath nuadhachadh agus ath bheothachadh ar canain, ar
ceol agus ar cultur. Bho ard urlair a’ Mhoid agus o gach aite eile eigheamaid priomh
aite ar canain ann an ionnanachd agus ann am beatha chulturach agus litreachail
Alba. Na bitheamaid diuid.
7