Skip to main content

‹‹‹ prev (1)

(3) next ›››

(2)
Bidh deich bliadhna air a' gheamhradh seo o choinnich
an Comunn Leabhraichean Gdidhlig an toiseach is a shbnraich
e a' chiad tabhartas airgid airson leabhar G&idhlig.
Thathar air c6rr is 120 a sh&nrachadh o'n uairsin,
agus tha c6rr is 100 dhiubh p^ighte (luach £30,000)
airson leabhraichean ura a th'air nochdadh.
Ach tha sinn a' slor-iarraidh leabhraichean ura,
agus thathar air £3,000 a ph&igheadh ann an co-fharpaisean
air an son. Tha feadhainn dhiubh air nochdadh
o chionn fada, agus tha duil ri tuilleadh fhathast.
Bidh iadsan a' faighinn tabhartas foillseachaidh cuideachd.
O chionn trl bliadhna thathar air fiach £3,000 de bharantasan
a thoirt do sgriobhadairean a sgriobhas leabhraichean
air cuspairean sonraichte a thogas iad fhein no a chuireas
an Comunn Leabhraichean fa'n comhair. Tha foillsichearan
air a bhith gabhail riutha seo cuideachd, agus a' faighinn
tabhartas foillseachaidh air an son.
Tha van nan leabhraichean air a bhith air rathaidean
na Gaidhealtachd's nan Eilean c6rr is d& bhliadhna a nis,
agus tha am fear-siubhail air rhiltean de leabhraichean a
reic — ur agus sean. Agus bidh dbchas aige tuilleadh
fhaighinn bhuaidhe anns an Oban an t-seachdain-sa.
Tha am Mod gar toirt gu litreachas is ceol,
agus bidh an Comunn Leabhraichean a' cur feasgair litreachais
is ciCiil air chois air Ghaidhealtachd's air Ghalldachd.
Uaireannan ni an Comunn Leabhraichean fh6in seo,
uaireannan cuidichidh e neach eile airson a dheanamh
le tabhartas airgid.
'S ddcha gu bheil thu fh6in dednach seo a dheanamh?
Ma tha, no ma tha fiosrachadh a dhlth ort mu dheidhinn seo
no mu roinn sam bith eile de dh'obair a' Chomuinn Leabhraichean,
cuir fios chun an fhear-deasachaidh aig an t-se&ladh-sa shlos.
Bidh e gle thoilichte cluinntinn bhuat.
AN COMUNN LEABHRAICHEAN GAIDHLIG
AN ROINN CHEILTEACH
OILTHIGH GHLASCHU
GLASCHU G12 8RZ